Tha Gregor MacLeòid dealasach mu bhiadh ionadail. Bho dhachaigh ann an Leòdhas, tha e a’ sealltainn dhuinn far am bi e a’ dol airson a’ bhìdh as fheàrr. Aig pròiseact coimhearsnachd, tha Gregor a’ togail currain-geal. Mas urrainn dhut cèic churrain a dhèanamh, carson nach dèanadh tu cèic churrain-ghil? Tha a chèic pholenta is churrain-gheal tais, le blas orainseir. Tha e fiù ’s a’ cleachdadh lus na malla bhon ghàrradh mar sgeadachadh. Nas tràithe air a’ bhliadhna, bhuain Gregor lusan dromain agus rinn e an còirdeil aige fhèin. Tha e a’ cleachdadh seo sna panna cottas uachdaireach aige, sgeadaichte le praline brisg àlmoin agus subhan-làir. Tha bothain beaga air feadh an eilein mìorbhaileach airson a bhith a’ gearradh sìos air mìltean siubhal a’ bhìdh. Air taobh sear Leòdhais, tha Gregor a’ togail uighean gart-eòin. Tha e a’ dèanamh scotch eggs le spìosraidhean Thai leotha.