Home / Series / Trusadh / Aired Order / Season 8 / Episode 4

Cothrom nam Ban/Where Are the Women?

Le boireannach na Prìomh Mhinistear ann an Alba airson a' chiad uair a-riamh, agus iomadach boireannach eile aig àrd ìre ann am poilitigs agus nar coimhearnsachdan, tha sinn a' toirt sùil dhlùth air co-ionannachd airson boireannaich ann an Alba. Tha ùidh mhòir air a bhith aig Cairistiona Nic Chonghail ann an sgeulachd nam boireannach ann an Alba fad greis a-nis. Leig i dheth a dreuchd mar neach-teagaisg aig oiltihigh Obar Dheathain bho chionn ghoirid, agus tha i a-nise a' gabhail turas sònraichte tron dùthaich agus a' meòrachadh air na h-atharrachaidhean a bh'ann san linn a dh'fhalbh - gu h-eachdraidheil agus nar coimhearsnachdan - agus a' faighneachd dè an t-slighe a th' air thoiseach? Ann an Sealtainn aig an fhèis bhliadhnail teine, Up Helly Aa, tha an Guizer Jarl os cionn treubh Lochlannaich fhiadhaich. Son a' chiad uair a-riamh air aon eilean 's e boireanach, Lesely Simpson, a tha a' faighinn na h-urraim seo. Tha Cairistiona cuideachd a' dèanamh air an Eilean Sgitheanach far a bheil clann-nigheann an eilein a' toirt buaidh shònraichte air spòrs a bha riamh air fhaicinn mar saoghal nam fear - iomain. At a time when Scotland has its first ever female first minister, and when many other women are leading the way in politics and in our society generally, we take a look at the issue of equality for women in 2015. Christina McGonigle, who recently retired from her job as a lecturer at the University of Aberdeen, has long had an interest in the role of women in Scottish society and embarks on a special road trip to explore what's changed in the last century, both historically and culturally, and asks what the way ahead is. In Shetland, at the annual Up Helly Aa fire festival, the guizer jarl leads a fearsome squad of Vikings. For the first time ever on one island, this hugely prestigious role will be taken by a woman, Lesely Simpson. Christina also heads for Skye, where women are truly making their sporting mark in the previously male-d

English
  • Originally Aired August 17, 2015
  • Runtime 60 minutes
  • Content Rating United States of America TV-G
  • Network BBC ALBA
  • Created May 30, 2016 by
    Administrator admin
  • Modified May 30, 2016 by
    Administrator admin